Mìos nan seanfhaclan is nan dealbhan

reto_refraneiro_gaelico

Bidh an t-ubhal as fhèarr air a’ mheangan as àirde

Abair ach beagan, ach abair gu math e

Tha seanfhaclan cudromach air sgath ‘s gum bi iad ag innse beagan mu ar deidhinn fhìn, agus gum bi iad a’ cuir dath air a’ chànan a chleachdas sinn gu làitheil. Bidh seanfhacalan a’ ceangal ar n-eòlas agus ar cànan, ag innse mar a bha, mar a tha agus mar a bhitheas.

Bheir seanfhaclan cothrom dhut tuigse nas fheàrr fhaighinn air a’ chànan fhèin – ruitheam agus samhlaidhean taobh a-staigh na h-abairtean. Dh’fhaodadh ciall diofraichte a bhith aig gach seanfhacal a rèir cò tha ga ràdh…

Bu toil leinn cuireadh a thoirt dhut pàirt a ghabhail anns an dùbhlan seo, le cothrom sgilean chruthachail a leasachadh fhad ‘s a bhios tu ag obair air na seanfhaclan agus dealbhan. ‘S e cothrom air leth a tha seo airson co-obrachadh le cànain eile air feadh an t-saoghail.

A bheil thu math le peant, le peansailean dathte, no fiù ‘s deabhan a chleachdas teicneòlas? Bidh agad ri seanfhacal agus dealbh a chruthachadh gach latha, mas urrainn dhut. Bruidhinn ri daoine aig an taigh – a bheil fios acasan air seanfhacal inntinneach? A bheil dealbh agad nad cheann a bhios freagarrach airson na h-abairt? Nach stiall thu ort, ma-thà! An uair sin, seall dhuinn air-loidhne iad – a’ cleachdach nan tagaichean a leanas: #debuxaunrefran (Galego), #seanfhaclanbeo (Gaidhlig) #picsnproverbs (English). Dh’fhaodadh tu na tagaichean seo a chleachdadh cuideachd airson na dealbhan eile fhaicinn.  

 

 

 


Deixa unha resposta

O teu enderezo electrónico non se publicará Os campos obrigatorios están marcados con *